£4.4m do dh'iomairt Ulbha

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio, £4.4m ga thoirt seachad 'son Eilean Ulbha a cheannach.

Tha buidheann coimhearsnachd air taobh siar Mhuile ceum nas fhaisge air Eilean Ulbha a cheannach.

Dh'innis Maoin Fearainn na h-Alba gun toir iad £4.4m dhan bhuidhinn airson an cuideachadh leis an iomairt aca.

Chaidh an t-eilean a chur air a' mhargaidh an-uiridh, air prìs £4.5m.

Ach thugadh far na margaidh e nuair a thuirt Buidheann Coille Coimhearsnachd Iar-Thuath Mhuile gun robh iad airson sealbh fhaighinn air an eilean agus air a' bheagan fhearainn ann am Muile a tha cuideachd san oighreachd.

Tha nas lugha na deichnear a' fuireach ann an Ulbha fhèin an-dràsta, 's thuirt a' bhuidheann gu bheil e na phrìomhachas dhaibh daoine a thàladh thuige, agus iad an dòchas gum bi còrr air 20 duine a' fuireach ann an taobh a-staigh trì bliadhna.

Tha a-niste chun an 9mh là den Ògmhios aig a' bhuidhinn gus tighinn gu aonta leis an fheadhainn a tha ga reic.