Seann mhinistear Catalanach air tilleadh gu Alba

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Suidheachadh Chatalonia

Chaidh grunn cheannardan Catalanach a chur an grèim as t-fhoghar airson am pàirt ann an reifreann agus foir-gheall na neo-eisimeileachd.

Theich Clara Ponsatí, a bha na ministear foghlaim anns an riaghaltas ann am Barcelona aig an am, don Bhruiseil le Carles Puigdemont gus am prìosan a sheachnadh.

A-nis, tha i air tilleadh do dh'Alba, far a bheil i na h-ollamh eaconomach aig Oilthigh Chille Rìmhinn.

Tha ceathrar fhathast anns a' phrìosan - dithis seann mhinistearan, Oriol Junqueras agus Joaquim Forn, a bharrachd air dithis cheannardan bhuidhnean iomairt, Jordi Sànchez agus Jordi Cuixart.

Thuige seo, cha deach casaid a chur air gin dhiubh.

A' bruidhinn rium airson Eòrpa, thuirt an t-Ollamh Ponsatí gur e masladh a bha ann gun robh a seann co-obraichean gan cumail an grèim.

Dleastanas

Dh'fhaodadh an Spàinn iarrtas fhaighinn airson a toirt dhachaigh, ged nach eil e coltach gun tachradh sin anns a' bhad.

Tha an t-Ollamh Ponsatí a' creidsinn ge-tà gum bitheadh e doirbh dhaibh an argamaid sin a dhèanamh, anns a' chiad dol-a-mach a chionn 's nach eil an h-eucoirean fon deigheadh a cumail - ar-a-mach agus ceannairc - mar phàirt de lagh na h-Alba.

Ach chan eil teagamh sam bith oirre mu na thachradh nan deigheadh i dhachaigh air a toil fhèin.

Tha teaghlach Clara Ponsatí - a tha 60 bliadhna dh'aois - ann am Barcelona, ach tha i cinnteach gun toireadh i dìreach don phrìosan nan deigheadh i dhachaigh gus tadhail a dhèanamh orra.

Tha riochdaire riaghaltas na Spàinne ann an Catalania a' dol às àidhcheadh gu bheil duine anns a' phrìosan air adhbharan poileataigeach.

Dh'innis Enric Millo dhomh, "Chan eil duine anns a' phrìosan airson am beachdan, faodaidh duine a bhith anns a' phrìosan airson an gnìomhan. Cha toil leam gu bheil daoine anns a' phrìosan. Ach tha dleastanas air a h-uile neach airson an gnìomhan".