Comataidh na h-Òigridh

Stèidhichidh an Comunn Gàidhealach comataidh ùr airson Bliadhna na h-Òigridh a chomharrachadh.

Tha iad a' sireadh sianar, eadar 16 agus 26 bliadhna de dh'aois, airson na comataidh agus feumaidh comas air choireigin a bhith aca anns a' Ghàidhlig.

Bidh a' chomataidh a' coinneachadh, tro skype, air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhainn am-bliadhna.

Bidh cothrom aca beachdachadh air na dh'iarradh iad fhaicinn aig a' Mhòd.

Thuirt Oifigear a' Mhòid aig a' Chomunn Gàidhealach, Alison Bruce, gur e cothrom math a th' ann dhan òigridh an cuid bheachdan a chur air adhart.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e deagh chothrom a th' ann airson Gàidhlig a chleachdadh agus bidh iad ag ionnsachadh sgilean ùra - 's dòcha nach eil iad air a bhith air comataidh ron seo".

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 12:00f air Diluain, an dàrna là den Ghiblean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile