Dragh mu chleachdaidhean oighreachdan seilge

Iolaire Bhuidhe

Chaidh dusan iolaire bhuidhe à fianais ann an sgìre den Ghàidhealtachd air an tug RSPB Alba "an toll dubh" airson eòin-chreachaidh le tagaichean saideil.

Thairis air an t-seachd bliadhna mu dheireadh sguir tagaichean nan eun a' craoladh ann an sgìre den Mhonadh Liath a tha, a rèir na buidhne, air a ruith sa bhitheantas airson sealg na circe fraoiche.

Tha RSPB Alba ag ràdh gu bheil iad den bheachd gun deach na h-eòin a mharbhadh gu mì-laghail.

Thuirt Fearann agus Oighreachdan na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran na dùthcha, ag ràdh gum feumar rannsachadh ceart a dhèanamh air eucoir fiadh-bheatha, ach gu bheil dragh mòr orra mu na tha an RSPB a' fàgail air oighreachdan seilge.

"Thuige seo cha d' fhuair sinn aithisg nam Poileas. Chan fhaca sinn na lorg iad," thuirt Cathraiche Fearann is Oighreachdan na h-Alba, Dàibhidh Johnstone.

"Chan fhaca sinn co-dhiù tha iad air dearbhadh gur e gnìomh mì-laghail a bha seo gus nach e, no a bheil iad fhathast a' rannsachadh seo.

"Tha sinn gu làidir den bheachd gur e an t-slighe cheart air adhart a bhith a' leigeil le Poileas Alba seo a rannsachadh, a dhearbhadh na fìrinn, a dhèanamh cinnteach gu bheil sin soilleir agus iomlan.

"Ma tha iadsan den bheachd gu bheil tuilleadh ri dhèanamh, gum bu chòir gun teagamh sin a dhèanamh," thuirt e.

Ach thuirt ceannard nan rannsachaidhean aig an RSPB, Iain MacThòmais, gu bheil iad den bheachd gu bheil mar a dh'fhalbh na h-eòin à fianais gu h-obann gu math amharasach.

"Chaidh draghan a thogail mu phàtranan coltach ri seo a thogail o chionn bliadhna no dhà, agus air cùlaibh sin choimiseanaich Riaghaltas na h-Alba rannsachadh a choimhead ris na dh'èireas do dh'iolairean buidhe a tha le tagaichean saideil," thuirt e.

"Cha robh teagamh aig an aithisg sin, a chaidh fhoillseachadh sa Chèitean an-uiridh, agus e a' ceangail an treas cuid de na h-eòin le tagaichean a chaidh à fianais gu làidir ri pàtranan amharasach ann an sgìrean a th' air an dìan-ruith airson sealg na circe fraoiche, ann an ceithir prìomh sgìrean an Alba.

"Gun teagamh bha an sgìre seo de thaobh a tuath a' Mhonaidh Lèith air fear de na sgìrean sin a dh'ainmich an aithisg a bha sin.

"Chan e dìreach an RSPB a tha seo, a tha ag ràdh gu bheil trioblaid againn san sgìre seo.

"'S e rannsachadh riaghaltais a tha ag ràdh seo," thuirt e.