Prìosan Porterfield a' crìonadh

Prìosan Porterfield Image copyright Dr Neil Clifton/Geograph
Image caption Dh'fhosgail Prìosan Porterfield ann an 1902.

Sheall sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air fear de na prìosain as sine an Alba gu bheil pàirtean dheth nach eil aig ìre tuilleadh.

Dh'fhosgail Prìosan Porterfield ann an Inbhir Nis ann an 1902.

Chaidh an aithisg ùr seo fhoillseachadh agus planaichean ann airson prìosan ùr a thogail anns a' bhaile.

Tha aois agus meud an togalaich air a bhith na dhùbhlan airson Seirbheis Phrìosan na h-Alba airson ùine.

Sheall an sgrùdadh ùr, a chaidh a dhèanamh san t-Samhain an-uiridh, gu bheil pàirtean den phrìosan nach eil aig ìre tuilleadh, a dh'aindeoin oidhirpean bhon luchd-obrach.

Thog Àrd-Neach-Sgrùdaidh Phrìosan na h-Alba, Dàibhidh Strang, draghan cuideachd mun àireimh de luchd-obrach aig àrd-ìre a th' air a bhith anns a' phrìosan bho chionn ghoirid, le còig riaghladairean air a bhith ann an dreuchd bho chaidh an sgrùdadh mu dheireadh a dhèanamh ann an 2004.

Thuirt e cuideachd ge-tà, gun robh deagh chàirdeas eadar an luchd-obrach agus na prìosanaich, agus gun robh sin a' cur ri faireachadh gu bheil òrdugh sa phrìosan agus gur e àite sàbhailte a th' ann.

Tha dùil gun tòisich obair-togail air prìosan ùr ann an Inbhir Nis nas fhaide den bhliadhna.