Cead do thaighean connspaideach Chùil Lodair

Viewhill
Image caption Tha luchd-strì air a bhith ag ràdh gum biodh na taighean ro fhaisg air làrach a' bhlàir.

Chaidh cead a thoirt do phlanaichean connspaideach 'son 16 taighean a thogail faisg air àraich Chùil Lodair.

Thugadh cead dhan phròiseact le comhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a' Cinn a Deas Dimàirt.

Tha iomairt fhada air a bhith ann an aghaidh an leasachaidh aig Viewhil, mu leth mhìle air falbh bho Ionad Luchd-Tadhail Urras Nàiseanta na h-Alba air raon a' bhlàir.

Chaidh cead a thoirt dhan leasachadh ann an 2014 le Riaghaltas na h-Alba, ach lean an iomairt na aghaidh.

An turas mu dheireadh a chaidh na planaichean mu choinneimh chomhairleachan dh'iarr iad air an luchd-leasachaidh cruth nan togalaichean atharrachadh gus am biodh iad na bu fhreagarraiche dhan sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo