Iomairt an aghaidh thaighean Chùil Lodair

Viewhill
Image caption Tha luchd-strì ag ràdh gum biodh na taighean ro fhaisg air làrach a' bhlàir.

Dh'iarr luchd-iomairt air comataidh-dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd planaichean airson taighean a thogail faisg air raon Bhlàr Chuil Lodair a dhiùlteadh.

Tha dùil gum bi a' bhuidheann 'Dìon Àrach Chùil Lodair' an làthair aig a' choinneimh madainn Dimàirt.

Chaidh planaichean airson 16 taighean a thogail air raon Bhlàr Chùil Lodair a dhiùltadh ann an 2014.

Ach thug neach aithris bho Riaghaltas na h-Alba cead dhan a' phròiseact às dèidh dha bhi air a ghairm a-steach.

Aig a' choinneamh mu dheireadh dhen chomataidh, chaidh na planaichean a bh'ann a dhiùltadh ri lìnn cruth nan taighean, 's chaidh ath-dhealbhachadh iarraidh.

Chuir luchd-strì fàilte air a' ghluasad sin.

Àrainneachd

Ach tha iad a-nis ag ràdh gur e glè bheag de dh'atharrachadh a chaidh a dhèanamh air na planaichean.

Thuirt iad nach eil na taighean a' tighinn a-rèir na h-àrainneachd anns am biodh iad suidhichte.

Thèid an gnothach a dheasbad aig coinneimh de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas Dimàirt.

Tha oifigich a' moladh cead a thoirt dhan phròiseact.

Ach tha luchd-stri ag ràdh gun dèan iad strì mhòr na aghaidh.