Rabhadh mu dhlùthachadh colaiste

Colaiste a' Chaisteil Image copyright Peter Barr/Geograph

Thuirt Prionsabal Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas nach gabh iad ri moladh 'son a bhith ag obair nas dlùithe le cuid de cholaistean eile ann an Oilthigh na Gàidhealtachad 's nan Eilean - mura bi buannachdan ann dhaibh-san.

Bha Iain Mac a' Mhaoilein a' bruidhinn agus cuid ag ràdh gum faodadh na molaidhean buaidh a thoirt air neo-eisimeileachd nan colaistean a bhios na lùib.

Tha Mgr Mac a' Mhaoilein ag ràdh nach gabh iad ri rud sam bidh a dhèanadh lagachadh air a' cholaiste.

"Tha cunnart mòr dìreach a bhith a' fuireach mar a tha sinn agus an saoghal mun cuairt oirnn ag atharrachadh gach là," thuirt e.

"Tha cunnart gu leòr am measg a h-uile sian a tha sinn a' dèanamh, ach tha cothrom mòr ann cuideachd.

"Mura bi na tha sinne a' dèanamh air a neartachadh 's a leudachadh chan eil sian de dh'fheum againn a dhèanamh," thuirt e.