Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Salisbury

Tha buill a' Chaibineit agus oifigich an Riaghaltais a' coinneachadh a dheasbad an fhiosrachaidh as ùire mun ionnsaigh le puinnseann air seann fhear-bhrathaidh Ruiseannach agus an nighean aige ann an Salisbury an t-seachdain seo chaidh. Tha Sergei Skripal agus a nighean Yulia fhathast fìor ìosal anns an ospadal. Thuirt Cathraiche Comataidh nan Cùisean Cèine ann an Taigh nan Cumantan, Tom Tugendhat, gu bheil an fhianais an aghaidh na Ruis a' sìor chruinneachadh.

Mark Dòmhnallach BPA

Thuirt Mark Dòmhnallach, a bha na mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba, gun urrainn dha fìrinneachadh moralta a dhèanamh air a cho-dhùnadh fuireach aig Holyrood, ged a dh'aidich e gun robh e ri dol-a-mach mì-choltach an aghaidh bhoireannach. Dh'fhàg Mgr Dòmhnallach àite san SNP an dèidh rannsachaidh a rinn am pàrtaidh sin. Tha Nicola Sturgeon, ceannard an SNP agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, am measg na tha ag iarraidh air Mgr Dòmhnallach a-niste an t-àite aig Holyrood a chur bhuaithe.

Cìs Cosnaidh

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' beachdachadh air dè ghabhas dèanamh mun àrdachadh chìsean a tha a' toirt buaidh air buill nam feachdan armaichte ann an Alba. Tha seo an dèidh do Riaghaltas na h-Alba bannan cìse ùra a stèidheachadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do dh'fheuch iad ri bruidhinn ri ministearan ann an Lunnainn, ach nach d' fhuair iad freagairt sam bith bhuapa.

Hanson 2

Tha Maoir-Chladaich ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh gairm èiginn fhaighinn anns a' mhadainn an-diugh bho shoitheach far chosta an iar na h-Alba. Thàinig an gairm bhon bhàta Hanson 2, an àiteigin eadar Ulapul agus Tobar Mhoire. Ged a tha bàtaichean teasairginn air a bhith a-muigh a' coimhead airson a' bhàta, chan fhaca iad dad, agus cha tàinig gairm èiginn sam bith eile on uair sin.

Colaiste a' Chaisteil

Thuirt prionnsabal Cholaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas nach gabh iad ri obair nas dlùithe ri cuid de cholaistean eile ann an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean mura bi buannachdan ann dhaibhsan. Bha Iain Mac a' Mhaoilein a' bruidhinn agus dragh air cuid gum faodadh na molaidhean sin buaidh a thoirt air neo-eisimeileachd nan colaistean a bhiodh ann an co-obrachadh nas fhaisge air a chèile.

Turasachd Sgitheanach

Thuirt stiùiriche na buidhne turasachd SkyeConnect gum feum muinntir an Eilein a bhith foighdinneach le luchd-turais air na mìosan seo tighinn. Bha Shirley Spear a' bruidhinn aig co-labhairt do luchd-gnothaich turasachd san Eilean agus ann an Ratharsair, agus dragh air mòran mu dhroch staid nan rathaidean agus cion ghoireasan eile, le dùil ri bliadhna thrang eile.