Geàrr-chunntas air naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ruiseanach

Tha polais a' toirt fiosrachaidh do mhinistearan an riaghaltais an-diugh mun fhear-brathaidh Ruiseanach, agus an nighean aige, a chaidh, a rèir choltais, am puinnseanachadh ann an Salisbury air an deireadh-sheachdainn. Tha Sergei and Yulia Skripal le chèile fìor iosal san ospadal. Thug an riaghaltas rabhadh dhan Ruis gun dìol e orra gu mòr ma thèid dearbhadh gun robh gnothach aca ris na thachair.

Hammond

Nì an Seansalair, Phillip Hammond, oidhirp eile air gnìomhachas an ionmhais ann am Breatainn a chur ann an aonta malairt leis an Aonadh Eòrpach an dèidh Brexit. Nì e òraid ann an Lunnainn an-diugh a ràdh gum biodh sin na bhuannachd dhan dà chuid Breatainn agus dhan EU. Thuirt an Coimisean Eòrpach ron a seo nach bi aonta den t-seòrsa sin ann.

Taighean ùra

Tha Buidheann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse am beachd £25m a chosg air taigheadas sòisealta san sgìre. Tha plana còig bliadhna aca 'son dà cheud dachaigh a thogail ann an sgìre far a bheil taigheadas sòisealta agus taigheadas prìobhaideach air màl, fìor ghann. Thòisich obair mu thràth air feadhainn den na sgeamaichean sin agus tha dùil gum bi mu dhà cheud dachaigh ùr ann uile gu lèir ro 2023.

Busaichean

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' coimhead air riaghailtean atharrachadh gus am bi tuilleadh cumhachd aig ùghdarrasan ionadail seirbhisean bus nas fheàrr a thoirt seachad. Tha seo an dèidh rannsachadh a thuirt gu bheil a' mhòr-chuid de mhuinntir na h-Alba den bheachd nach eil busaichean a' ruith tric gu leòr, gu bheil iad an còmhnaidh fadalach agus gu bheil an suidheachadh nas miosa buileach sna sgirean iomallach.

Bodach an Stòirr

Tha Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach a' cur cùl ri pròiseact leasachaidh aig Bodach an Stòirr, a tha fìor thrang le luchd-turais. Rinn an t-Urras oidhirp an-uiridh air talamh a cheannach 'son pàirce chàraichean agus taighean beaga a chur ann ach dhiùlt Comhairle na Gàidhealachd, leis am bheil am fearann, a reic. Cha tàinig dad à còmhraidhean bhon uair sin eadar an t-Urras agus a' Chomhairle agus thuirt an t-Urras an-diugh gu bheil iad a' tarraing a-mach às.

Tubaist

Chaidh mu chòig duine deug a ghoirteachdh nuair a bhual dà bhus double decker na chèile ann am meadhan Mhanchester sa mhadainn. Thuirt Polais Mhanchester gun deach aon duine a leòn gu dona.