"Dh'fhaodadh gun do dh'fhàg Liam Colgan Hamburg"

Liam Colgan Image copyright Facebook
Image caption Bha Liam Colgan a' tadhal air Hamburg le charaidean air thoiseach air banais a bhràthar.

Tha bràthair Liam Cholgan, a tha a dhìth anns a' Ghearmailt, ag ràdh gur dòcha gun do dh'fhàg e Hamburg.

Cha deach Liam, a tha 29 agus a bhuineas do dh'Inbhir Nis, fhaicinn bho chionn cha mhòr trì seachdainnean, 's e ann an Hamburg le charaidean air thoiseach air banais a bhràthar.

Tha a theaghlach a' dèanamh dheth gum faodadh gun deach a ghoirteachadh, agus gun do chaill e a chuimhne.

Tha a bhràthair, Eamonn, ag ràdh gur dòcha gun do dh'fhàg Liam Hamburg, agus tha iad ag iarraidh fiosrachadh mu dheidhinn a sgaoileadh air feadh na Gearmailt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo