Ùidh ann am fiolmadh air Ghàidhealtachd

Skyfall Image copyright Sony/ap
Image caption Chaidh pàirtean de Skyfall fhiolmadh ann an Gleann Comhann agus Gleann Èite

Tha dà cheud duine air fios a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd chun an seo am bliadhna is iad ag ràdh gu bheil ùidh aca ann a bhith a' fiolmadh anns an sgìre.

Chuala iad bho iomadach buidheann eadar-dhealaichte - bho chompanaidhean a tha airson fiolmaichean mòra a dhèanamh gu feadhainn a tha airson sanasan air-loidhne a dhèanamh.

Tha iarrtasan airson fiosrachaidh suas 19% an coimeas ris a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh.

Mar as trice, thèid trian dhe na pròiseictean seo air adhart, ach mu thràth am bliadhna, tha còrr air 40% de phròiseictean air tòiseachadh, no tha am fiolmadh seachad mu thràth.

B' ann eadar 2008 is 2011 a bha uiread de dh'ùidh anns an sgìre airson fiolmadh mu dheireadh, nuair a chaidh pàirtean de dh'fhiolmaichean mar Harry Potter and the Deathly Hallows, Skyfall agus the Dark Knight Rises fholmadh air a' Ghàidhealtachd.