Geamaichean mòra do Chounty is ICT

Jason Naismith Image copyright SNS
Image caption Jason Naismith air a dhòigh às dèidh dha tadhal a chur 'son Ross County an aghaidh Hearts.

Tha geamaichean cudromach san amharc aig Ross County is Caley Thistle Disathairne is iad ag amas air adhartas a dhèanamh anns na lìogan aca.

Thèid County a Pheairt sa Phrìomh Lìog is iad ann an sunnd beagan nas fheàrr, ged a tha iad fhathast aig bonn na lìge.

Tha County gun chall anns an dà gheama mu dheireadh aca is iad air a' chùis a dhèanamh air Dùn Dè 4-1 is air crìochnachadh 1-1 ri Hearts.

Tha iad a-nise dìreach 2 phuing air cùl Hamaltan is 3 puingean air deireadh air Partaig.

Gu dearbha, dh'fhaodadh iad a' bheàrn eadar iad fhèin is St Johnstone a ghearradh gu 3 puingean le buaidh ann am Peairt.

"Bha sinn a' coimhead ris na geamaichean a bha a' tighinn - Dùn Dè is Hearts an toiseach - mar shreath de gheamaichean far am b' urrainn dhuinn puingean a thogail", thuirt manaidsear Chounty, Owen Coyle.

Bunait

"Tha sinn air tòiseachadh math is feumaidh sinn togail air sin.

"Ma leanas sinn aig an aon ìre gheibh sinn puingean gu leòr", thuirt e.

San Championship cuiridh Caley Thistle fàilte air Morton ann an geama a tha fìor chudromach a thaobh nan àiteachan play-off.

Tha sgioba Ghrianaig an-dràsta sa 4mh àite - an t-àite play-off mu dheireadh - is iad 8 puingean air thoiseach air ICT.

Tha iad air geama a bharrachd a chluiche ge-tà, is eadar sin is an geama Disathairne tha cothrom aig Inbhir Nis a' bheàrn a dhùnadh.

"Tha na geamaichean uile glè chudromach a-nise", thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan.

Adhartas

"Ma nì thù a' chùis, tha thu a-staigh an sin le deagh chothrom, is ma chailleas tu tha a' bheàrn a' meudachadh.

"Chan eil sinn idir airson tuiteam 11 phuing air cùl Morton. Tha geama a bharrachd againn is tha 5 puingean ceart gu leòr, chan e cùis èiginn a bhiodh ann an 8, ach chan urrainn dhuinn an geama seo a chall is tha fios aig na cluicheadairean air sin", thuirt e.

Tillidh Nathan Austin, Carl Tremarco is Aaron Doran gu sguad ICT.

Tha fear as aithne dhaibh glè math gu bhith a' nochdadh ann an dathan Morton anns na mìosan ri tighinn ge-tà, is Iain Baird air ICT fhàgail is a dhol air iasad a Ghrianaig gu deireadh an t-seusain.

Thuirt Robasdan gun robh Baird a' fàs an-fhoiseil nach robh e a' cluiche tric is gun robh e toilichte an cothrom a ghabhail tilleadh a sgìre Ghlaschu.

Cha bhi Baird ann an sgioba Morton Disathairne fhèin.

Thuirt Robasdan gu bheil e fhèin a' coimhead ri dithis chluicheadairean is e 'son an sguad aige a neartachadh.