"Dh'fhaodadh gun do chaill Liam a chuimhne"

Liam Colgan Image copyright Facebook
Image caption Tha Liam Colgan a' tadhal air Hamburg le charaidean air thoiseach air banais a bhràthar.

Tha teaghlach Liam Cholgan, am fireannach à Inbhir Nis a tha a dhìth anns a' Ghearmailt, ag ràdh gun dòcha gun deach a ghoirteachadh agus gun do chaill e a chuimhne.

Chaidh Liam, a tha 29, a dhìth 's e air turas a Hamburg còmhla ri charaidean air thoiseach air banais a bhràthar.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh mu uair de thìde às dèidh dha a' bhuidheann fhàgail ann an taigh-seinnse Veermaster Disathairne, an 10mh là den Ghearran.

Ged a chaidh aithris gun deach fhaicinn le daoine eile às dèidh sin tha na h-aithrisean sin fhathast gan rannsachadh.

Ann am brath air-loidhne thuirt a theaghlach gun robh iad cinnteach gum biodh Liam air fios a chur thuca nam biodh sin na chomas.