Tagradh O'Mac ga dhiùltadh

Steinis

Chaidh tagradh an aghaidh mar a chaidh cead-dealbhachaidh airson gàrradh-stòraidh air iomall Steòrnabhaigh a dhiùltadh, e fhèin a thilgeil a-mach.

Thuirt aithrisiche Riaghaltas na h-Alba nach robh an leasachadh a bha am beachd na companaidh O'Mac freagarrach.

Rinn a' chompanaidh O'Mac tagradh chun an Aithrisiche às dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar an t-iarrtas a dhiùltadh deireadh na bliadhna an-uiridh.

Thàinig an Aithrisiche a dh'fhaicinn na làraich dha fhèin toiseach na mìos, ach tha e a-nise air aontachadh ris a' Chomhairle agus air an tagradh a dhiùltadh.

Thuirt e nach robh leasachadh mar seo freagarrach cho faisg air baile croitearachd, agus nach robh rathad aon-fhillte a-steach dhan bhaile freagarrach airson na dheadh air de charbadan mòra troma.

Thuirt e ged a chaidh margaidh sprèidh Leòdhais agus na Hearadh a thogail faisg air làimh, nach robh sin cho faisg air Stèinis agus gur e rud a bh' ann a bha deatamach do chroitearan na sgìre gu lèir, agus a thuilleadh air sin nach robh e ag adhbhrachadh duilgheadais ach sia tursan sa bhliadhna, an àite sia làithean san t-seachdain mar a dhèanadh an gàrradh-stòraidh.

Thuirt e cuideachd gun robh làrach fhreagarrach ri fhaighinn air màl aig Pairce Ghnothachais Abhainn Ghrìoda air rathad nan Loch.

Faodaidh a' chompanaidh a-nise tagradh a dhèanamh gu Cùirt an t-Seisein air puingean lagha a-mhàin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo