Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hamburg

Tha caraidean dhan duine Albannach a th' air chall anns a' Ghearmailt ag ràdh gu bheil aithrisean às ùr ann gum faodadh gun deach fhaicinn. Chaidh Liam Colgan, aois 29, à Inbhir Nis, fhaicinn mu dheireadh ann an Hamburg aig an deireadh-sheachdain. Tha fianaisichean ann an sgìre Buxtehuge den bhaile ag ràdh gum faca iad fireannach gu math coltach ri Liam ann an staid troimhe-chèile agus a thuirt gur ann à Alba a bha e.

Allt a' Bhonnaich

Tha poilis a bharrachd a-muigh air na sràidean ann an Allt a' Bhonnaich às dèidh mar a chaidh nighean òg èigneachadh an sin. Chaidh ionnsaigh a thoirt air an nighinn, aois 13, ann am Pàirce Ladywell oidhche Shathairne seo chaidh mu 6:30f. Thuirt an t-Inspeactair Stephen Morris, a tha os cionn an rannsachaidh, gur e tachartas uabhasach a bh' ann, agus gun deadh làn-ghoireasan Poileas Alba a chleachdadh anns an sgrùdadh aca air a' ghnothach.

Oxfam

Tha Oxfam Eadar-Nàiseanta air rannsachadh neo-eisimeileach a chur air chois a choimhead air casaidean gun robh luchd-obrach aca a' gabhail brath feiseil air daoine anns na dùthchannan anns an robh iad ag obair. Thuirt Àrd-Stiùiriche a' charthannais gum pàigheadh iad airson na thachair anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Florida

Thuirt na Poilis gu bheil an deugaire a tha fo chasaid gun do mhuirt e 17 duine aig sgoil ann am Florida air aideachadh gur e a bh' air cùl an uabhais. Thuirt Nicolas Cruz, aois 19, gun do ràinig e an sgoil, gun do thòisich e a' losgadh air daoine, 's an uair sin gun do thilg e air falbh an gunna aige mus do theich e. Tha seo uile a rèir phàipearan cùirteach. Nochd e anns a' chùirt fo 17 casaidean muirt a dh'aona-ghnothaich.

Brexit

Cumaidh am Prìomhaire, Theresa May, còmhraidhean le Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, ann am Berlin feasgar. A-màireach thathar a' sùileachadh gum foillsich am Prìomhaire an càirdeas tèarainteachd a tha ise ag iarraidh leis an Aonadh Eòrpach às dèidh Bhrexit.

Murt Lapland

Chaidh fireannach à Poblachd nan Seiceach fhaighinn ciontach gun do mhuirt e ban-Albannach ann an Lapland anns an Dùbhlachd 2016. Bha Karel Frybl a' dol às àicheadh muirt 's e a' cumail a-mach gun robh e air fhèin a chall nuair a shàth e Rebecca Johnson à Fìobha. Bha Frybl fo dheuchainnean slàinte-inntinn bho chrìochnaich a' chùis-lagha san Lùnastal. Cho-dhùin na deuchainnean sin gun robh làn-smachd aige air fhèin.

Fiaclaireachd Uibhist

Chàin fear a chleachd a bhith na stiùiriche air Bòrd-Slàinte nan Eilean Siar mar a chaidh co-dhùnadh Ionad Fiaclaireachd Loch Baghasdail a dhùnadh. Thuirt Aonghas MacCarmaig gun d' fhuair buill den Bhòrd dà phìos pàipeir le measadh orra, agus gum feumadh iad aontachadh ris na bha sgrìobhte agus an t-ionad a dhùnadh. Bha seo air sàilleabh slàinte is sàbhailteachd. Thuirt Àrd-Oifigear NHS nan Eilean Siar gun robh a h-uile cothrom aig buill ceistean a thogail mu na bha sgrìobhte anns a' mheasadh mura robh iad toilichte leis. Thuirt e cuideachd gun robh aca ri tighinn gu co-dhùnaidhean cudromach ann an aithghearrachd.