Aithrisean gun deach Liam Colgan fhaicinn

Liam Colgan Image copyright Facebook
Image caption Chaidh Liam Colgan, 29, a dhìth tràth madainn Disathairne, agus e air thuras air thoiseach air banais a bhràthar.

Tha na Poilis anns a' Ghearmailt a tha a' sireadh fhir a bhuinneas do dh'Inbhir Nis a tha a dhìth ann an Hamburg a' rannsachadh aithrisean gur dòcha gun deach fhaicinn sa bhaile Diciadain.

Chaidh Liam Colgan, 29, a dhìth tràth madainn Disathairne, agus e air thuras air thoiseach air banais a bhràthar.

Bha Liam, a bhràthair Èamonn, agus grunn charaidean ann an Hamburg air thoiseach air banais Èamonn ris a bheil dùil an ceann beagan sheachdainean.

Is coltach gun deach a sgaradh bhon bhuidhinn mu 01:30m madainn Disathairne.

Ach tha dòchas às ùr ann dhan teaghlach an dèidh aithrisean gun deach fhaicinn ann an sgìre Bhuxtehude den bhaile Diciadain.

Tha luchd-fianais ag ràdh gun deach fireannach fhaicinn, agus e troimhe-chèile.

Tha bràthair Liam, Èamonn, air tilleadh dhan bhaile ann an oidhirp a lorg.