Lochan mara a' glèidheadh ghasaichean càrboin

Loch Èite Image copyright Getty Images
Image caption Rinn luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Chill Rìmhinn sgrùdadh air poll bho Loch Èite is Loch Crearain.

Fhuair luchd-rannsachaidh gu bheil lochan mara na h-Alba cudromach ann a bhith a' glèidheadh ghasaichean càrboin a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air an àrainneachd nam faigheadh iad ma sgaoil.

Le sin, tha Dualchas Nàdair na h-Alba airson dìon a chur air na lochan.

Rinn luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Chill Rìmhinn sgrùdadh air poll bho Loch Èite is Loch Crearain, is fhuair iad ìrean àrda de chàrbon a bha e air sruthadh sìos bho na cnuic.

Bhathar a' smaointinn ron seo gum biodh e air falbh a-mach gu muir, ach air sàilleamh cumadh nan lochan seo, chaidh a ghlèidheadh.

Thuirt an luchd-rannsachaidh gur e stòras mòr de chàrbon a tha seo, co-ionnan ri mun treas cuid den chàrbon anns na monaidhean le dìon sònraichte riaghaltais.

Tha SNH ag ràdh gum bu chòir dìon a chur cuideachd air na lochan seo, is iad ag ràdh gum faodadh cunnart a bhith ann bho dhreideadh .