App ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

Fòn-làimhe

Chaidh goireas ùr airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a chur air bhog le Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain.

'S e App a th' ann leis an cluinnear a' Ghàidhlig bhinn aig Ailig Dòmhnallach, no Ailig Bhaltois mar as fheàrr a dh'aithnichear e, agus e a' labhairt diofar sheantansan gus cothrom a thoirt do dhaoine am blas ceart fhaighinn air a' chainnt aca, le bhith ag èisteachd agus an uairsin a' labhairt nan seantansan, uair is uair eile.

"'S e app ionnsachaidh an-asgaidh a th' ann," thuirt an Dr. Michelle NicLeòid bhon Roinn.

"Faodaidh duine sam bith a th' airson a thoirt a-nuas no a chleachdadh air an eadar-lìon sin a dhèanamh.

Gach Là

"Air an app fhèin tha 3,000 seantans ann, agus 's e a bhios daoine a' dèanamh, bidh iad a' dèanamh aithris agus an uair sin a' dèanamh ath-aithris air na seantansan.

"Ag èisteachd agus an uair sin ga ràdh às dèidh guth Ailig, a tha gu math soilleir agus gu math furasta a leantainn.

"Faodaidh duine sam bith a th' air beagan Gàidhlig ionnsachadh seo a chleachdadh.

"'S dòcha daoine a th' air sgoil fhàgail, a rinn Gàidhlig aig an sgoil, ach a tha ag iarraidh cumail orra a-niste, air neo daoine a th' air Gàidhlig a dhèanamh aig clasaichean oidhche.

"Duine sam bith a th' airson an cuid sgilean a leasachadh, ach aig a bheil beagan Gàidhlig mar thà.

"Agus mar as trice tha sinn a' faighinn gu bheil na daoine a tha seo gann de ghoireasan.

"Chan eil mòran 's dòcha chlasaichean no àiteachan eile aca far an urrainn dhaibh Gàidhlig a chleachdadh.

"Leis a' ghoireas seo faodaidh iad Gàidhlig ionnsachadh, Gàidhlig a bhruidhinn aig an taigh, air a' bhus, chan eil e gu diofar, nuair a tha beagan tìde aca seo a dhèanamh.

"Agus mholadh sinn gun cleachdadh iad an goireas seo cha mhòr gach là.

"Fichead mionaid gach là, agus tha e a' dèanamh diofair mhòir air sgilean gu math luath.

"Tha e mar phàirt de phròiseact mhòr aig Glossika.

"'S e companaidh eadar-nàiseanta a th' ann an Glossika, a th' air tòrr chànanan a dhèanamh ron seo a' cleachdadh na dòigh seo, agus bhuainne, tha sinn air na cànanan Ceilteach uile a chur air dòigh còmhla riutha.

"A' cleachdadh ghuthan diofraichte airson nan cànanan sin, luchd-labhairt fileanta an-còmhnaidh airson nan guthan.

Cànanan Eile

"Tha fios le dearbhadh gun obraich seo, gun cuidich seo daoine a tha - feumaidh beagan Gàidhlig a bhith aca an toiseach ach an uair sin tha e gan cuideachadh gu mòr agus gu math luath.

"'S e 3,000 seantans ann aig an ìre seo. Ma tha fèill ann, 's ma tha daoine ga iarraidh, faodaidh sinn cur ri sin, agus suas gu 8,000 seantans a chur air dòigh.

"'S dòcha an uair sin gun cuireadh sinn ris an aon neach-labhairt, ach airson toiseach-tòiseachaidh tha e nas fheàrr dìreach aon ghuth a chleachdadh.

"Tha sinn airson togail air an iomairt seo. Tha sinn an-dràsta a' sireadh taic-airgid airson pròiseactan eile a chur air dòigh a chuidicheas luchd-ionnsachaidh inbheach, a tha 's dòcha airson rudeigin a leughadh, no èisteachd ri guthan diofraichte.

"Tha sinn an-dràsta an dùil gum bi daoine a' cleachdadh Beurla an toiseach, agus gun èist iad ris a' Ghàidhlig, ach an uair sin, ma tha Gàidhlig agad, ma tha thu airson Fraingis ionnsachadh faodaidh tu Gàidhlig a chleachdadh airson Fraingis ionnsachadh.

"Air neo rudeigin a bhios tarraingeach 's dòcha do mhuinntir na Gàidhlig, dh'fhaodadh tu a bhith ag obair air Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èireann, a' cleachdadh aon mar bhun-chànan airson an cànan eile ionnsachadh," thuirt i.

Tha an app an-asgaidh, agus e ri fhaotainn air Glossika.