Buaidh an t-sneachda air còmhdhail

An A9 aig Deimhidh Image copyright Traffic Scotland
Image caption Bha maill air dràibhearan air an A9 Dimàirt.

Thug sneachda buaidh air seirbheisean còmhdhail air a' Ghàidhealtachd Dimàirt.

Bha cuideachd còrr air 30 sgoil dùinte, neo air fosgladh nas anmoiche.

Fhuair mu 2,000 duine cloinne là far na sgoile ann an sgìre na Gàidhealtachd Diluain.

Siubhal

Thàinig dàil air seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Gatwick, Manchester 's Steòrnabhagh air sgàth na h-aimsire.

Bha cuideachd trioblaidean air na rathaidhean - air an A9 aig Deimhidh a' dol gu deas agus air an A82 am measg eile.

Bha na Poilis air rabhadh a thoirt do dhràibhearan a bhith air am faiceall 's rabhadh buidhe an sàs bho Oifis na Sìde.

Tha an rabhadh buidhe "Bithibh Mothachail" an sàs gu 3:00f Dimàirt.

Tha duil cuideachd ri uisge agus gaoith mhòir.