Àite-stòraidh bho Linn an Iarainn ga lorg ann an Nis
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, CHRIS BARROWMAN
Tha arc-eòlaichean a-nis a' rannsachadh na làraich
Lorgadh àite-stòraidh fon talamh ann an ceann a tuath Leòdhais a thogadh ann an Linn an Iarainn.
'S e fear a bha ag obair le diogair air làrach taighe ùire a thàinig tarsainn air.
Tha arc-eòlaichean às an sgìre, Chris 's Rachel Barrowman, a-nis a' rannsachadh na làraich.
Thuirt Mgr Barrowman gur math dh'fhaoidte gur ann airson biadh a stòradh a bhathas ga chleachdadh.