Bile nan Eilean ga dheasbad

Bidh am bile a tha ag amas air coimhearsnachdan eileanach na h-Alba a dhìon agus a neartachadh ga dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.
'S anns às an iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" - co-obrachadh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairlean Arcaibh 's Shealtainn - a thàinig Bile nan Eilean.
Thuirt Ministear nan Eilean, Humza Yousaf, gur e reachdas fìor chudromach a tha seo a nì cinnteach gu bheil feairt ga thoirt air feumalachdan sgìrean eileanach nuair a tha co-dhùnaidhean gan dèanamh leis an Riaghaltas.