Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Margaidhean

Tha na margaidhean earrainnean ann an Lunnainn, Paris agus Frankfurt uile air luach a chall an-diugh agus luchd-tasgaidh a cumail orra a' creic. Tha seo a' leantainn air mar a thuit margaidhean ann an Àisia tron oidhche, agus ann an New York an-dè. Ged a tha i air èirigh beagan bha am FTSE aig aon àm sìos 3.5%. Tha dùil gu bheil dragh ann mu àrdachadh a dh'fhaodadh a bhith air fàire mu ìrean rèidh ann an Aimeireaga, agus eaconomaidh na dùthcha a' dèanamh nas fheàrr na bhathas an-dùil.

Brexit

Tha britheamh ann an Alba air riaghladh nach urrainn tagradh a dhèanamh gu Cùirt Cheartais na h-Èorpa airson cothrom a ghlèidheadh dhan Rìoghachd Aonaichte stad a chur air pròiseas Bhrexit gun a bhith ag iarraidh cead an toiseach bho dhùthchannan eile an EU. Bha buidheann tagraidh airson 's gum biodh an roghainn a tha seo aca. Thuirt iad gu bheil iad airson 's gum biodh roghainn eile aig an Rìoghachd Aonaichte seach droch aonta a bhith ann leis an EU, no a bhith gun aonta idir. Bha luchd-lagha an Riaghaltais ag ràdh ge-tà, nach biodh e gu diofar co-dhiù, leis gu bheil ministearan air innse gu bheil an dùthaich a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich.

Iasgair

Tha iasgair air bàsachadh às dèidh dha tuiteam bho bhàt-iasgaich far chosta tuath na Gàidhealtachd. Chaidh am fireannach a chuideachadh air ais air bòrd le buill eile den chriutha, ach cha deach aca air a thoirt air ais gu mothachadh. Thachair an tubaist faisg air Diùrnais an-raoir. Thill am bàt-iasgaich gu cala Sgràbasdail ann an Gallaibh, far a bheil na Poilis a' rannsachadh a' bhàis.

Boireannaich ann am Poileataigs

Chaidh stòras airid luach £500,000 a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba airson boireannaich a chuideachadh le bhith a' dol an sàs ann am poileataigs. Tha seo ga fhoillseachadh ceud bliadhna bho shoirbhich leis an iomairt aig na Suffragettes gus còirichean bhòtaidh a ghlèidheadh do chuid de bhoireannaich. Tha ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, air taic a chur ri iarrtas a tha airson 's gun tèid maitheanas oifigeil a thoirt dhan fheadhainn a chaidh dhan phrìosan mar phàirt den iomairt sin.