Fianais air dreidseadh mì-laghail

Creachainn Image copyright Reuters/Pascal Rossignol

Thuirt dàibhearan gun do lorg iad fianais gu bheil dreidseadh mì-laghail airson chreachann air a bhith a' dol air adhart ann an sgìre mhara a th' air a dìon far a' chosta an iar.

A rèir nan dàibhearan, chaidh sligean briste agus pìosan de chreachainn a lorg air grunnd na mara faisg air an Òban.

Bha Steve Barlow agus Davy Stinson a' dàibheadh airson chreachann anns an Linne Latharnaich nuair a chunnaic iad loidhnichean air grunnd na mara.

Tha iad ag ràdh gur e comharra a bha sin gun deach dreidseadh a dhèanamh.

Turas eile a bha iad a' dàibheadh, chunnaic iad gun robh rudeigin air clachan mòra air grunnd na mara a ghluasad, is lorg iad sligean briste agus pìosan de chreachainn.

Tha dreidseadh an dèidh a bhith air a chasg anns an sgìre bho 2014, airson sgait a dhìon.

Tha a' bhuidheann iomairt Open Seas ag ràdh gur e fianais a tha seo nach eil Sgìrean Glèidhte aig Muir ag obrachadh, ri linn 's nach eil na h-ùghdarrasan a' cur stad air iasgairean a bhristeas na riaghailtean.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid a' chùis seo a sgrùdadh agus gu bheil bàtaichean faire a-muigh tric anns an sgìre seo.