Cosgais a' cheuma

Ceum Beinn Nibheis Image copyright Stephen Sweeney/Geograph

Tha beachd ann gum bu chòir do luchd-gnothaich ann an Loch Abar airgead a chur a dh'ionnsaigh obair-càraidh air an staran air Beinn Nibheis.

Bidh còrr is 200,000 duine a' dìreadh Beinn Nibheis a h-uile bliadhna, agus thathas a' dèanamh dheth gu bheil e a' cosg £50,000 sa bhliadhna an t-slighe as trainge gu ruige mullach na beinne a chumail aig ìre.

Tha Raghnall Camshron ri gnìomhachas ann an Loch Abar agus bhiodh e fhèin deònach airgead a chur a dh'ionnsaigh na beinne.

"Tha taigh samhraidh agam agus tha daoine gu leòr a' tighinn an seo dìreach airson Beinn Nibheis a shreap," thuirt e.

"Saoilidh mi gum bithinn deònach beagan airgid a thoirt dhaibh airson an rathad a chumail suas.

"Agus 's dòcha gum bi ostairean anns a' Ghearasdan, agus daoine aig a bheil bùithdean a' reic stuth ris an luchd-turais, 's dòcha gum bi iad deònach beagan airgid a chur a-steach.

"Cò aige a tha fios? Ach tha mi cinnteach gum bithinn deònach na h-uimhir a chur ris. Suim bheag.

"Feumaidh tu cuimhneachadh gu bheil mòran ghnìomhachasan ann an Loch Abar a tha a' toirt luchd-turais a-steach, agus tha a h-uile duine a' dol suas gu Beinn Nibheis," thuirt e.