Càirt bhuidhe do phlana smachdachaidh

Càirt bhuidhe Image copyright ALLSPORT/Getty Images

Cho-dhùin Bòrd-Stùiridh Chomann na Camanachd gun a dhol air adhairt le plana airson chluicheadairean a gheibh càirt bhuidhe a chur far na pàirce fad deich mionaidean.

Rinn an Comann co-chomhairle am measg nan clubaichean mun phlana.

Tha iad a-nise air co-dhùnadh gu bheil feum air barrachd sgrùdaidh mun doigh 's a dh'obraicheadh e, is cha tèid a chur an sàs an 2018.

Aig a' cheart àm, tha iad air gabhail ri gluasad bho Chamanachd Leòdhais gus puing a thoirt bho sgiobaidhean nach bi a' coileanadh gheamaichean anns na lìogaichean as ìsle.

Bho seo a-mach caillidh an sgioba a tharraing a-mach 1 phuing, is 2 phuing a' dol dhan sgioba eile.

Dragh

Chuir na Leòdhasaich am plana air adhart is dragh air a' chluba mu cho tric 's a tha clubaichean a' tarraing a-mach à geamaichean.

Tha Comann na Camanachd cuideachd air na geamaichean fhoillsicheadh airson an t-seusain ùir.

Tha dearbhadh an sin nach bi Dùn Omhain is Latharna an Òbain a' cluich am-bliadhna.

Ged a tha Gleann Urchaidh a' nochdadh ann an Lìog Deas 2, thathas a' tuigsinn nach eil cinnt ann aig an ìre seo an cluich iadsan nas motha.

Bidh coinneamh èiginn aig sgioba Dail Mhàilidh gus meòrachadh air an t-suidheachadh aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile