Comhairle feumach air barrachd airgid

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi chòir dhaibh airgead poblach a bharrachd fhaighinn ri linn cho mòr agus cho sgaipte 's a tha an sgìre.

Dh'innis a' Chomhairle Diardaoin gun urrainn dhaibh cuid de na gearraidhean a bha san amharc aca a sheachnadh, is barrachd airgid na bha dùil air tighinn bho bhuidseat an Riaghaltais.

Thàinig sin is an Riaghaltas air aonta a dhèanamh leis a' Phàrtaidh Uaine.

Mar phàirt den aonta, fhuair Comhairle na Gàidhealtachd £7.5m ris nach robh dùil.

Chuir ceannard buidseat na Comhairle, Alasdair MacFhionghuin, fàilte air an airgead is thuirt e nach caill duine aig an ùghdarras a-nise an dreuchd.

Rabhadh

Thàinig rabhadh bhuaithe cuideachd gum bi aca ri coimhead ri na sàbhalaidhean seo a-rithist san àm ri teachd.

Tha e ag ràdh gu bheil a' Ghàidhealtachd ann an suidheachadh sònraichte is feumach is airidh air tuilleadh airgid.

"'S e àite iomallach a th' ann. Chan eil sinne den bheachd gu bheil sinn a' faighinn an airgid a bu chòir dhuinn a bhith a' faighinn", thuirt Mgr MacFhionghuin.

"Tha dithis de na comhairlichean sìos ann an Dùn Èideann is tha iad a' faicinn am faigh sinn airgead airson sgoiltean.

"Bha mise ann an Lunnainn cola-deug air ais is bha sinn a' feuchainn ri sàbhaladh fhaighinn air iasadan a bh' againn a thaobh taigheadais.

"Tha sinn a' coimhead air a h-uile àite airson seirbheisean a chumail air a' Ghàidhealtachd", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile