Call an 'Iolaire' gu aire an t-saoghail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Call an 'Iolaire' gu aire an t-saoghail

2 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid call an 'Iolaire' an tubaist mara bu mhiosa ann an àm sìth ann an uisgeachan Bhreatainn, a thoirt gu aire an t-saoghail aig deireadh na bliadhna, a rèir cheannard Panail Cuimhneachaidh na h-Alba airson a' Chiad Chogaidh.

Choinnich riochdairean a' phanail ri sgioba fo stiùir Comhairle nan Eilean Siar Diardaoin airson beachdachadh air mar a thèid an tubaist a chomharrachadh 's coltas ann gu bheil obair deasachaidh mhòr air thoiseach orra.