Toileachas, gu ìre, mun Choir' Uisg'

An MV Coir' Uisg' a' tighinn a-steach a dh'Armadal. Image copyright MJ Richardson / Geograph

Chaidh fàilte air an naidheachd gun till an MV Coir' Uisg' dhan t-slighe eadar Malaig is Armadal, ach le slaic gun robh còir aice a bhith ann co-dhiù.

Dhearbh Còmhdail Alba nas tràithe an t-seachdain seo gun tilleadh an aiseag a Shlèite as t-Samhradh 2019.

Chaidh an Coir' Uisg' a ghluasad à Mhuile ann an 2016.

Tha feadhainn ann an Slèite is air Tìr-Mòr air a bhith ag iomairt bhon uairsin airson an Coir' Uisg' fhaighinn air ais, is iad ag ràdh nach eil na bàtaichean a thàinig na h-àite freagarrach airson na slighe eadar Malaig is Armadal.

Soithichean ùra

Le bàtaichean ùra a' tighinn a-steach, bha dùil nach biodh an Coir' Uisg' am Muile ann an 2019, is dhearbh an dreach ùr de phlana Còmhdail Alba mu bhàtaichean gu bheil dùil gun till i a Shlèite.

Ged a chuireas Ruairidh Moireach aig Fòram Còmhdhail Shlèite fàilte oirre, tha e fhathast mì-thoilichte le mar a thachair.

"Tha sinn a' cur leth fàilte oirre. 'S e cùis nàire a th' ann gun deach an soitheach seo a thoirt air falbh bho thùs le Riaghaltas na h-Alba", thuirt Mgr Moireach.

"Cha bu chòir dhan seo a bhith air tachairt idir, idir", thuirt e.

Dh'innis Mgr Moireach gum b'fheàrr leis gun tilleadh an Coir' Uisg' a Shlèite am-bliadhna seach 2019, is thuirt e gu bheil cunnart ann gun tig dàil air na bàtaichean ùra is nach bi i dha-rìribh saor ann an 2019.

Thuirt e cuideachd nach eil dòchas idir aige mun t-seirbheis a bhios ann as t-Samhradh seo.

Faochadh

Bidh e a' dèanamh fiughar ris a' Choir Uisg ann an 2019.

"Nì e diofar mòr. Tha i nas luaithe, tha i nas fheàrr, nì i barrachd sheirbheisean. Obraichidh i aig àm sam bith den là a dh'aindeoin am bi an làn a-staigh no a-muigh.

"S e togail mòr a bhios ann dhuinn ma thilleas i air ais mar a tha iad ag ràdh", thuirt e.

Tha buidheann-obrach a' coimhead ris an t-slighe eadar Malaig is Armadal is mar a ghabhas a leasachadh san àm ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile