Cead do dh'oidhirp Ulbha

Air fhoillseachadh

Thug Riaghaltas na h-Alba cead dhan choimhearsnachd a dhol air adhart le oidhirp Eilean Ulbha a cheannach.

Chaidh an t-eilean a chur air a' mhargaidh an-uiridh.

Tha Compananaidh Coille Coimhearsnachd Iar-Thuath Mhuile airson a cheannach gus daoine ùra a thàladh ann agus piseach a thoirt air an eaconomaidh.

Fhuair iad taic an t-sluaigh ann an Iar-Thuath Mhuile ann am bhòt phoblach mar-thà.

Adhartas

Tha Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinneagan, a-nise air dearbhadh gum faod iad a dhol air adhart agus an t-eilean a cheannach fo Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn.

Feumaidh a' choimhearsnachd airgead gu leòr a thrusadh eadar seo is an t-Òg-Mhìos airson an t-eilean a cheannach.

Cosgaidh an t-eilean £4.2m dhaibh.

Cuiridh a' choimhearsnachd tagradh a-steach a Stòras an Fhearainn an ath-sheachdain, ach feumaidh iad na h-uimhir fhaighinn à àiteachan eile cuideachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh