A' Ghàidhealtachd air sgrìon

Buachaille Èite Mòr Image copyright Thinkstock

Tha barrachd chompanaidhean fiolm is telebhisean airson a bhith ag obair air a' Ghàidhealtachd.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an gnìomhachas air timcheall air £2m a chur ri eaconamaidh na sgìre sa bhliadhna a chaidh seachad.

Tha ionad fiolm na Comhairle air a bhith trang.

Tha iad ag ràdh gun d'fhuair iad 174 iarrtas a thaobh fiolm, telebhisean, geamaireachd is na meadhanan sòisealta sa bhliadha mu dheireadh.

B' e àrdachadh 20% a bha sin air a' bhliadhna ron seo.

Thuirt a' Chomhairle gun d'fhuair an t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Iar Thuath na Gàidhealtachd a' bhuannachd as motha às a' ghnìomhachas.

Bha buannachdan ann cuideachd le luchd-turais a thàladh dhan Ghàidhealtachd air fad às dèidh dhaibh an sgìre fhaicinn air telebhisean no ann am fiolm.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile