Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dochann san dachaigh

Tha dùil gun tèid na laghan air dochann san dachaigh a neartachadh aig Holyrood an-diugh. Fon bhile, dheadh na laghan a leudachadh airson gabhail a-steach droch dhìol air inntinnean agus faireachdainnean dhaoine. Tha cuid draghail ge-tà, gum biodh e duilich fianais a thrusadh airson a leithid a dh'eucoir.

Sgoiltean

Nochd rabhadh bho cheannard-sgoile air a' Ghàidhealtachd gu bheil sgoiltean na sgìre ann an staid-èiginn, agus gum bi an siostam a' briseadh buileach ma bhios an tuilleadh ghearraidhean ann. Bha Donaidh MacCoinnich, ceannard Acadamaidh na Cananaich, a' bruidhinn ann an litir gu pàrantan. Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a' coimhead ri àireamhan thidsearan a ghearradh anns na h-àrd sgoiltean aca.

Buidseat

Thuirt am BPA Uaine airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Iain Finnie, gum bi an t-airgead a bharrachd a gheibh comhairlean bho aonta a' bhuidseit an-dè na chuideachadh dhaibh. Tha e an dòchas gun tèid seirbheisean agus obraichean a dhìon. Thàinig na h-Uainich gu aonta leis an Riaghaltas an-dè, is an Riaghaltas air gealltainn tuilleadh airgid a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail. Gheibh comhairlean £170m a bharrachd uile gu lèir. Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' faighinn £1.2m bharrachd, agus bidh Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn £7.5m a bharrachd.

Brexit

Thuirt an seann seansalair, Seòras Osbourne, nach eil e a' dèanamh ciall a thaobh ionmhais a bhith a' gearradh cheanglaichean eaconomach leis an EU. Thug e rabhadh seachad dhan Phàrtaidh Thòraidheach gur dòcha gun caill iad taghadh mura h-atharraich iad am planaichean a thaobh Brexit. Tha Theresa May air innse an-diugh gun cur i an aghaidh plana sam bith airson còirichean còmhnaidh thoirt do dhaoine Eòrpach a thig do Bhreatainn anns an ùine eadar-amail, às dèidh Brexit a bhith air a chur an gnìomh.

Aillse

Tha a' bhuidheann Cancer Research ag iarraidh rabhadh mu aillse a chur air botail is cnogain deoch-làidir. Tha seo às dèidh do dh'fiosrachadh nochdadh gun robh gnothach aig deoch làidir ri bàs còrr air 3,700 duine ann an Alba ann an 2015, agus gur e aillse as mòtha a thug bàs dhaibh. Chaidh an rannsachadh a dhèanamh leis an NHS.