Droch oidhche eile do Ross County

Marcus Friseal Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Ross County gum feum an sgioba aige a bhith nas làidire às dèidh dhaibh call a-rithist.

Bhuannaich Obar Dheathain 4-2 an Inbhir Pheofharain oidhche Chiadain.

Thàinig Liam Fontaine a-steach do sgioba Chounty is e air cùmhnant aontachadh feasgar.

Às dèidh dhaibh tòiseachadh an ìre mhath, chaill County trì tadhail ann an sia mionaidean ro leathach ùine.

Chaidh a' chiad dhuibh sin dhan lìon far Fontaine.

Thàinig tadhal eile san dàrna leth is Scott Fox eadar na puist do Chounty le mearachd uabhasach.

Gleans

Cha do rinn dà thadhal anmoch bho Alex Schalk ach gleans a chur air an sgòr is County fhathast sia puingean air dheireadh aig bonn na lìge.

Bha Coyle a-rithist mì-thoilichte leis an rèitire is e ag ràdh gun robh còir aig County a bhith air breab saor fhaighinn mus d'fhuair Obar Dheathain a' chiad tadhal aca.

Ach dh'aidich e gum feum an sgioba aige fhèin barrachd a dhèanamh.

"Feumaidh sinn a bhith nas làidire gus cùisean atharrachadh", thuirt Coyle.

"Tha cluicheadairean gus tilleadh agus tha mi an dòchas gum faigh sinn an sgioba as fheàrr a th' againn air a' phàirc, is gum faigh sinn dòigh air geamaichean a bhuannachadh", thuirt e.

Thèid County a Phàirc Dens Disathairne a chluiche Dùn Dè.

Tuilleadh air an sgeulachd seo