County a' neartachadh
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNS
Tha Ross County air an sgioba aca a neartachadh ron gheama an aghaidh Obar Dheathain oidhche Chiadain.
Tha Owen Coyle air aonta a ruighinn gus Liam Fontaine a thoirt a dh'Inbhir Pheofharain às dèidh dha Hibs fhàgail.
Cha do chluich am fear-dìon geama bhon Iuchar, ach bha e na phàirt den sgioba aig Hibs a bhuannaich Cupa na h-Alba ann an 2016.
Tha grunn thrioblaidean aig Coyle is feadhainn de na cluicheadairean aige air a bhith tinn an t-seachdain seo.
Tha an sgiobair, Anndra Davies, air a ghoirteachadh.
Tòisichidh an geama ann an Inbhir Pheofharain Diciadain aig 7:45f.
Bidh Fontaine san sguad.