Sgrùdadh ùr air aiseagan nan Eilean Siar

Loch Seaforth

Dh'fhoillsich Ministear na Còmhdail is nan Eilean, Humza Yousaf, gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air seirbheisean aiseig nan Eilean Siar.

Aig an dearbh àm, tha dearbhadh ann gun tèid an MV Coir' Uisg' air ais dhan Eilean Sgitheanach an ath-bhliadhna.

Dh'innis Mgr Yousaf gu bheil Còmhdail Alba air luchd-comhairlichidh fhastadh airson sgrùdadh a dhèanamh air suidheachadh nan Eilean Siar.

Thig iad dha na h-eileanan tro 2018 gus bruidhinn ri luchd-cleachdaidh nan aiseagan is companaidhean is riochdairean ionadail.

Tha dùil ri aithisg bhuapa ro dheireadh na bliadhna.

Tha connspaid air a bhith ann mu aiseagan anns na làithean a chaidh seachad is Comhairle nan Eilean Siar a' fàgail air an Riaghaltas nach deach adhartas a dhèanamh a thaobh dàrna bàt-aiseig eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Cuideam

Tha am BPA Tòraidheach, Dòmhnall Camshron, cuideachd air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh orra bàt-aiseig eile a bharrachd a chur air an t-slighe gun dàil.

Thuirt Humza Yousaf gu bheil seirbheisean aiseig fìor chudromach do choimhearsnachd air a' chosta siar.

Thuirt e gu bheil an Riaghaltas airson na bàtaichean ùrachadh is seirbheisean a tha a' freagairt air feumalachdan an t-sluaigh a thoirt seachad, taobh a-staigh an ionmhais a th' aca.

Dh'innis e gum bi an sgrùdadh a' coimhead ri bàtaichean ùra fhaighinn is puirt a leasachadh, am measg eile.

Thàinig an naidheachd mun sgrùdadh is an dreach ùr de phlana Còmhdail Alba mu bhàtaichean air nochdadh.

Am measg eile tha am plana ag innse gu bheil dùil gun tèid an MV Coir' Uisg' a chur air ais air an t-slighe eadar Malaig is Armadal as t-Samhradh 2019.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile