Ionad na h-Iolaire ga mholadh

Biastan Thuilm Image copyright JJM/Geograph
Image caption Bhuail an soitheach ann am Biastan Thuilm tràth madainn na Bliadhna Ùire 1919, le 201 duine a' call am beatha, gun ach 79 a' faighinn gu tìr.

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson ionad fiosrachaidh a dh'innseadh sgeulachd na h-Iolaire.

Thathas an dùil gur ann an Steòrnabhagh a bhiodh an t-ionad, a chosgadh £5m.

'S e fear-gnothachais a thòisich an gnothachas aige ann an Steòrnabhagh a th' air cùl a' phlana.

Tha Stiùbhart Greumach ag iarraidh an t-ionad, le sàr-thaigh-bìdh na chois, a thogail ri taobh cala Steòrnabhaigh, 's dòcha air Cidhe 1.

Chaidh 201 fireannach a bha a' tilleadh bhon Chiad Chogadh a mharbhadh nuair a bhuail an soitheach air an robh iad a' siubhal dhachaigh, an Iolaire, ann am Biastan Thuilm faisg air beul Loch Steòrnabhaigh Là na Bliadhna Ùire 1919.

Cha d' fhuair ach 79 duine gu tìr, agus 's gann gun robh teaghlach ann an Leòdhas nach do chaill cuideigin san tubaist - an tubaist mhara a bu mhiosa ann am Breatainn taobh a-muigh cogaidh.

Tha na planaichean airson an ionaid gan ullachadh an-dràsta, agus thèid co-chomhairle phoblach a chumail orra nas fhaide den bhliadhna.

Tha dùil ri sreath de thachartasan tron bhliadhna gus 100 bliadhna bhon tubaist a chomharrachadh, a' tighinn gu ceann air Oidhche Challain agus Là na Bliadhna Ùire 2019.

Tuilleadh air an sgeulachd seo