Taghadh Chupa a' Cho-op

An Taobh Siar

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson na ciad cuairte de Chupa a' Cho-op 2018.

Bidh an Taobh Siar a' cur dìon air an fharpais a bhuannaich iad ann an 2016 is 2017.

Tha na geamaichean mar a leanas;

Am Bac - Uibhist a Tuath

Barraigh - Athletic Steòrnabhaigh

Beinn nam Fadhla - Na Lochan

Càrlabhagh - Southend

Saints an Iochdair - Nis

An Taobh Siar - Èirisgeigh

Thèid An Rubha is United dìreach dhan dàrna chuairt.

Cha deach cinn-là airson nan geamaichean a stèidheachadh fhathast.

Tuilleadh air an sgeulachd seo