ICT a-mach

Tadhal Image copyright SNS
Image caption An tadhal aig Scott Allan a chuir Inbhir Nis a-mach à Cupa na h-Alba.

Chaidh Caley Thistle a-mach à Cupa na h-Alba nuair a chaill iad 1-0 ri Dùn Dè ann an Inbhir Nis oidhche Mhàirt.

Chuir Scott Allan an tadhal tràth san dàrna leth.

Bha Caley Thistle gu làidir den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn dìreach ro leathach-ùine nuair a thuit Aaron Doran sa bhocsa.

Cho-dhùin an rèitire ge-tà, càirt bhuidhe a shealltainn do Dhoran.

"'S e breab-peanais a bh' ann", thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan.

"Fhuair Aaron Doran ann air thoiseach air an fhear-dìon is chaidh a leagail. Na bu mhiosa buileach, fhuair Aaron càirt bhuidhe.

Moiteil

"Chum sinn ceann a' mhaide ri sgioba bhon Phrìomh Lìog thairis air dà gheama is cha robh beàrn idir ann. Gu dearbha, thairis air an dà gheama chanainn gun robh sinn car mì-fhortanach", thuirt e.

Cluichidh Dùn Dè a-nise Tobar na Màthar san ath-chuairt.

Le Ross County a-mach mar-thà, 's e Brùra an aon sgioba air Ghàidhealtachd a tha air fhàgail ann an Cupa na h-Alba.

Cluichidh iadsan Cill Mheàrnaig sa chòigeamh chuairt.

Tha sgioba eile bho Lìog na Gàidhealtachd, Cove Rangers, cuideachd troimhe às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Formartine 2-0.

Cluichidh iad a-nise an Eaglais Bhreac.