Iasad èiginn do NHS na Gàidhealtachd

NHS na Gàidhealtachd

Iarraidh Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd iasad èiginn bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh leis na trioblaidean ionmhais aca.

Tha dùil aig a' bhòrd a bhith £15m thairis air a' bhuidseat aca aig deireadh na bliadhna ionmhais seo.

Thuirt iad nach robh uimhir de bhuaidh 's a bha dùil aig plana airson airgead a shàbhaladh.

Dh'innis cathraiche a' bhùird, Dàibhidh Alston, gu bheil iad a' sireadh taic-airgid thairis air trì bliadhna.

Thuirt e gu bheil iad an dòchas gum bi iad air na leabhraichean aca a chothromachadh às dèidh sin, ged a bhiodh aca fhathast ris an iasad fhèin a phàigheadh air ais.

Dh'innis Mgr Alston do choinneimh den bhòrd Dimàirt gu bheil còmhraidhean air tòiseachadh leis an Riaghaltas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile