Strì ga gealltainn a thaobh iùil nam plèanaichean

Pleana

Thuirt cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gun lean strì an aghaidh mholaidhean a thaobh obair iùil aig puirt adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha HIAL air innse gun tèid iùil phlèanaichean aig seachd puirt-adhair roinneil ann an Alba a stiùireadh bho aon ionad.

Chan eil fios fhathast càite am biodh an t-ionad sin.

Tha feadhainn air draghan a thogail mun bhuaidh air sàbhailteachd agus air puirt-adhair ann an sgìrean iomallach far a bheil luchd-iùil stèidhichte.

Thuirt HIAL nach tig atharrachadh air an t-suidheachadh mura h-eil e sàbhailte, is gu bheil iad a' feuchainn ri seirbheis adhair sheasmhach a chur air dòigh.

Nochdaidh an cuspair a-rithist aig coinneimh den bhuidhinn HITRANS ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Tha cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum iad a h-uile cothrom a chleachdadh gus an deasbad mun chùis a chumail a' dol.

"Riatanach"

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e riatanach gun cum sinn seo air beulaibh dhaoine, na draghan a th' oirnn", thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

"Tha sinn air fàs cho eòlach air co-chomhairleachaidhean is far a bheil an rud a th' air a' bhòrd air a' chiad là, 's e a th' air a' bhòrd air an là mu dheireadh.

"Tha daoine a' tionndadh far nan co-chomhairleachaidhean a tha sin agus draghail nach eil iad a' faighinn èisteachd.

"Feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh na cuspairean draghail a tha seo a chur air beulaibh a' mhòr-shluaigh, agus dòchas gun gabh an Riaghaltas smachd air dè tha a' dol air adhart."

Thuirt Mgr Robasdan gun deach fios a chur air Buill Phàrlamaid na Gàidhealtachd is nan Eilean air fad a dh'iarraidh orra a dhol an sàs san t-strì.

Tha e ag ràdh cuideachd gu bheil feum air sgrùdadh mionaideach air na molaidhean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo