Thugadh cead-dealbhachaidh do dh'fhactaraidh ùir sa Ghearasdan

Leigheadair aluminium
Image caption Ghabh Liberty Aluminium thairis an leigheadair anns a' Ghearasdan bhon chompanaidh Rio Tinto ann an 2016.

Tha comhairlichean na Gàidhealtachd air cead-dealbhachaidh a thoirt do phlana a dh'fhaodadh na ceudan de chosnaidhean a chruthachadh sa Ghearasdan.

Tha a' chompanaidh Liberty Aluminium, a ghabh thairis an leigheadair sa bhaile bhon chompanaidh Rio Tinto ann an 2016, am beachd ionad ùr a thogail a bhios a' dèanamh chuibhlichean co-mheatailt do charbadan.

Tha am plana luach mu £130m agus thèid factaraidh gu tur ùr a thogail air an làraich, ri taobh far a bheil an leigheadair an-dràsta.

Leig iad fhaicinn an-uiridh gun robh am plana seo aca cuibhlichean co-mheatailt a dhèanamh air an làraich, agus chaidh an t-iarrtas cead dealbhachaidh air beulaibh nan comhairlichean Dimàirt.

Tha tomhas ann gum faigh mu 400 duine cosnadh ann, 's gum bi iad aig a' cheann thall a' dèanamh timcheall air dà mhillean cuibhle sa bhliadhna.

Riaghailtean àrainneachd

Tha oifigearan na Comhairle ag ràdh gu bheil am plana a' tighinn a rèir nan cumhaichean anns a' phlana dealbhachaidh ionadail, agus thugadh cead dhaibh a rèir sreath de chumhaichean san aithisg.

Tha 29 dhiubh sin ann, eadar rudan mar a bhith a' dèanamh cinnteach às gum bi àiteachan coiseachd freagarrach timcheall na làraich agus cumail ri riaghailtean àrainneachd.

Mar eisimpleir thèid sùil a chumail air mar a thèid dèiligeadh ri uisge salach.

Thathas cuideachd ag iarraidh làn-sgrùdaidh arceòlais mus rachadh sian air adhart air an làraich.

Tha an t-ionad gu bhith stèidhichte air an talamh air an deach dà bhlàr Inbhir Lòchaidh a shabaid sa 15mh agus 17mh Linn.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad mothachail mu cho cudromach 's a tha eachdraidh na làraich.

Chuir BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, fàilte air a' cho-dhùnadh.

Thuirt i: "'S ann mu dheidhinn obraichean anns an àm ri teachd a tha seo, taighean agus cothroman trèanaidh do mhuinntir an àite, a bharrachd air daoine eile a thàladh chun na sgìre."