Iarrtas dealbhachaidh do dh'fhactaraidh ùr sa Ghearasdan

Leigheadair aluminium
Image caption Ghabh Liberty Aluminium thairis an leigheadair anns a' Ghearsdan bhon chompanaidh Rio Tinto ann an 2016.

Beachdaichidh comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt air iarrtas dealbhachaidh do phlana a dh'fhaodadh na ceudan de chosnaidhean a chruthachadh sa Ghearasdan.

Tha a' chompanaidh Liberty Aluminium, a ghabh thairis an leigheadair sa bhaile bhon chompanaidh Rio Tinto ann an 2016, am beachd ionad ùr a thogail a bhios a' dèanamh chuibhlichean co-mheatailt do charbadan.

Tha am plana luach mu £130m agus rachadh factaraidh gu tur ùr a thogail air an làraich, ri taobh far a bheil an leigheadair an-dràsta.

Leig iad fhaicinn an-uiridh gun robh am plana seo aca cuibhlichean co-mheatailt a dhèanamh air an làraich, agus seo an t-iarrtas cead dealbhachaidh a' tighinn air beulaibh nan comhairlichean Dimàirt.

Tha tomhas ann gum faigheadh mu 400 duine cosnadh ann, 's gum biodh iad aig a' cheann thall a' dèanamh timcheall air dà mhillean cuibhle sa bhliadhna.

Riaghailtean àrainneachd

Tha oifigearan na Comhairle ag ràdh gu bheil am plana a' tighinn a rèir nan cumhaichean anns a' phlana dealbhachaidh ionadail, 's tha iad a' moladh mar sin taic a chur ris a rèir sreath de chumhaichean san aithisg.

Tha 29 dhiubh sin ann, eadar rudan mar a bhith a' dèanamh cinnteach às gum bi àiteachan coiseachd freagarrach timcheall na làraich agus cumail ri riaghailtean àrainneachd.

Mar eisimpleir thèid sùil a chumail air mar a thèid dèiligeadh ri uisge salach.

Thathas cuideachd ag iarraidh làn-sgrùdaidh arceòlais mus rachadh sian air adhart air an làraich.

Tha an t-ionad gu bhith stèidhichte air an talamh air an deach dà bhlàr Inbhir Lòchaidh a shabaid sa 15mh agus 17mh Linn.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad mothachail mu cho cudromach 's a tha eachdraidh na làraich.

Ach, le sùil air na cumhaichean sin, tha iad a' moladh taic a chur ris.