Co-dhùnadh air taighean Chùil Lodair ga chur dheth

Àraich Chùil Lodair

Chuir Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas dàil air co-dhùnadh mu iarrtas gus 16 taighean a thogail faisg air Àraich Bhlàr Chùil Lodair.

Tha cead-dealbhachaidh aig an sgeama mar thà, às dèidh do Neach-Aithris an Riaghaltais taic a chur ris.

Ach chaidh co-dhùnadh Dimàirt gabhail ri gluasad bho fhear de chomhairlichean na sgìre am plana a chur air ais chun an luchd-leasachaidh ach an coimheadadh iad air na toglaichean ath-dhealbhachadh.

Chuir luchd-strì a tha an aghaidh nan toglaichean, fàilte air a' ghluasad.

Bha sluagh a' togail fianais taobh a-muigh coinneimh na comataidh an aghaidh na sgeama, agus dragh ann gun dèan e milleadh air an àraich.

Chaidh planaichean leis a' chompanaidh Inverness Properties airson taighean a thogail faisg air iomall aithnichte na h-àraich a dhiùltadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2013.

Chaidh ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin, agus cho-dhùin Neach-Aithris bhon Riaghaltas an sgeama a cheadachadh toiseach 2014.

Athchuinge

Dh'aontaich a' chompanaidh le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba nach toireadh an sgeama buaidh air an àraich.

Bhon uair sin tha companaidh eile - Kirkwood Homes à Inbhir Ùraidh - air na planaichean a ghabhail thairis, agus tha iadsan a-niste a' sireadh cead airson atharrachaidhean beaga air na planaichean dhan deach cead a thoirt.

Bha a' chomataidh a' coimhead Dimàirt ri mionaideachd nam planaichean - cruth nan togalaichean, an rathad a-steach dhan sgeama, agus cuideachd air a' bhuaidh air an arceòlas.

Tha oifigearan a' moladh na planaichean a cheadachadh.

Tha daoine air a bhith a' cur an aghaidh nam planaichean bho nochd iad an toiseach, agus dragh ann gu bheil Àraich Bhlàr Chùil Lodair nas motha na thathas ag aithneachadh gu h-oifigeil.

Tha a' bhuidheann Protect Culloden Battlefield gu bhith a' togail fianais an aghaidh na sgeama Dimàirt, agus iad cuideachd a' foillseachadh athchuinge air a bheil còrr air 70,000 ainm.

Fuasgladh

Ann am brath-naidheachd thuirt Kirkwood Homes:

"Tha an co-dhunadh a chaidh a dhèanamh leis a' Chomataidh gu math doireanach dhuinn. Ach bruidhinnidh sinn ri roinn planaidh na Comhairle son soillearachadh fhaighinn air na tha air cùl a' cho-dhunaidh".

"Tha na mollaidhean a tha sinn a' cur air adhart air a bhith taobh a-staigh na riaghailtean son planaidh. Tron a' phròcess seo, tha sinn air a bhith ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd agus ùghdarasan eile, agus cùmaidh sinn a' dol leis a sin, gus an tig fuasgladh".