Duslach a' cur obair-lannsa dheth

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Chaidh cuid de dh'obair-lannsa Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a chur dheth, agus na seòmraichan lannsa air an truailleadh le duslach.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach eil cunnart ann do dh'euslaintich.

Thug seo buaidh air obair-lannsa an toiseach Dihaoine seo chaidh

Fhuair duslach bho obair-togail a bha a' dol air adhart a-steach a sheòmraichean-lannsa.

Tha obair-glanaidh a' leantainn, is thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air ceumanan a ghabhail gus nach toir an suidheachadh buaidh air obair-lannsa èiginnich.

Thuirt Bòrd na Slàinte nach eil cunnart ann do dh'euslaintich, ach thabhainn iad leisgeul air daoine air an tug seo buaidh, is gheall iad gun tèid obair-lannsa a bha air a cur dheth a chur air dòigh a-rithist cho luath 's a ghabhas.