Mì-thoileachas mu thaighean a' Bhlàir Dhuibh

Taighean

Tha feadhainn a tha a' fuireach ann an taighean ùra air a' Bhlàr Dhubh ag ràdh gu bheil uabhas orra mu staid nan togalaichean.

Thogadh 23 taighean air làraich far an robh uair dachaidh cùraim Urray House stèidhichte.

Chaidh na taighean, a bha rim faighinn aig prìs reusanta, a thogail às leth Comhairle na Gàidhealtachd le companaidh às Èireann a Tuath, Bell Contracts.

Nochd draghan mun obair nuair a bha na taighean gan togail, is oifigich bhon Roinn na Slàinte is na Sàbhailteachd a' dol an sàs.

Tha feadhainn a tha a' fuireach anns na taighean a-nise ag ràdh nach eil iad aig ìre.

Thuirt iad gu bheil sgàinidhean air nochdadh ann am ballachan is mullaichean is nach eil dorsan a' fiotadh mar bu chòir.

Thuirt Comhairle na Gàidhlealtachd gu bheil iad mothachail air an t-suidheachadh is gu bheil iad a' dèiligeadh ris.

Dh'innis Bell Contracts gum bi gnothaichean mar seo a' tighinn am bàrr ann an taighean ùra is gu bheil iad fo chùmhnant an cur ceart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile