Paloma Faith is na Charlatans aig Belladrum

Paloma Faith Image copyright Paloma Faith

Dh'innis Belladrum gun nochd Paloma Faith agus na Charlatans aig fèis na bliadhna seo.

Nochdaidh Paloma Faith aig deireadh na h-oidhche Dihaoine.

Tha an clàr aice 'The Architect' air dèanamh glè mhath is tha an seinneadair Sasannach air duais BRIT a bhuannachadh roimhe.

Tha 28 bliadhna ann a-nise bho chuir na Charlatans a-mach a' chiad chlàr aca.

Dh'fhoillsich iad an 13mh clàr aca, Different Days, an-uiridh.

Chaidh innse mar-thà gum bi Amy Macdonald, Frightened Rabbit, Rosanne Cash, The Supernaturals agus Niteworks, am measg eile, a' nochdadh aig Belladrum 2018.

Bidh an fhèis ann eadar an 2mh is an 4mh den Lùnasdal.