Ceann-là ùr 'son L&H

Ball-coise Image copyright Getty Images

Chaidh ceann-là ùr a stèidheachadh airson a' gheama eadar Leòdhas is na Hearadh is Nairn County Fo20 ann an Cupa Jock MhicAoidh.

Coinnichidh na sgiobaidhean aig Acadamaidh Ball-Coise na Gàidhealtachd ann an Inbhir Pheofharain Disathairne an 10mh den Ghearran, a' tòiseachadh aig 12:30f.

'S ann air pàirce phlastaig a bhios an geama.

Bha còir aig na sgiobaidhean cluich air an 20mh den Fhaoilleach.

Chaidh an geama a chur dheth ri linn na droch shìde a bh' ann aig an àm.

Tuilleadh air an sgeulachd seo