Tramaichean an t-Sròim fon phrosbaig

Obair air a' chreig os cionn an rathaid
Image caption Tha trioblaidean air a bhith ann tric le seach-rathad an t-Sròim.

Tha dùil ri soilleireachadh Diluain air an gabhadh slighe-trama a dhèanamh aig an t-Sròm air Taobh Siar Rois.

Tha duilgheadasan air a bhith ann le seach-rathad an t-Sròim tric thar nam bliadhnaichean is maoimean-slèibhe ga dhùnadh.

Chaidh coimhead air iomadh roghainn roimhe; tunail, drochaid no rathad ùr nam measg.

Ach thathas air a bhith a' beachdachadh cuideachd air an rathad a leigeil seachad agus an rèile - a tha beagan nas fhaide bhon chreig - a leasachadh mar shlighe-trama.

Chleachdadh an dà chuid càraichean agus trèanaichean ris an can iad trama-trèana an t-slighe ùr.

Tha siostam mar seo gu bhith ann air slighe eadar Rotherham is Sheffield ann an Sasainn, ged nach eil e fosgailte fhathast, is ceistean mu chosgaisean a' leantainn an sin.

Tha eòlaichean air a bhith a' sgrùdadh an gabhadh seo a chleachdadh aig an t-Sròm.

Cluinnidh co-labhairt HITRANS Diluain mar a tha a' dol dhan rannsachadh aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile