Loidhne rèile fosgailte

Luchd-obrach Image copyright NetworkRail Alba

Tha an loidhne rèile eadar Malaig is an Gearasdan fosgailte a-rithist.

Bha an loidhne dùinte às dèidh do thrèana bualadh ann am maoim-slèibhe a thàinig a-nuas air an loidhne ri taobh Loch Eilde.

Thachair an tubaist faisg air Gleann Fhionnainn Diluain seo chaidh.

Chaidh an trèana a ghluasad Dihaoine, is lean obair tron deireadh-sheachdain.

Chaidh an loidhne fhosgladh às ùr oidhche Dhòmhnaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile