Coyle mì-thoilichte le rèitearan

Coyle is Madden Image copyright SNS
Image caption Owen Coyle a' deasbad ri Bobby Madden an Cill Mheàrnaig. Tha an SFA a-nise air aideachadh gun do rinn Madden mearachd.

Thuirt manaidsear Ross County gun do dh'aidich ceannard rèitearan an SFA gun do rinn na h-oifigich mearachdan san dà gheama mu dheireadh aig an sgioba aige.

Bha Owen Coyle feargach le breab-peanais a fhuair Cill Mheàrnaig anns na mionaidean mu dheireadh den gheama ann an Cupa na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh Tim Chow a chur na pàirce is chuir Cill Mheàrnaig am ball dhan lìon, tadhal a chuir iad troimhe dhan ath-chuairt den fharpais.

Tha an SFA air a' chàirt dhearg an aghaidh Chow a tharraing.

Bha tuilleadh chonnspaid ann oidhche Chiadain nuair a chaill County 2-0 ri Tobar na Màthar.

Bha Coyle cinnteach gun robh còir aig County a bhith air breab-saor fhaighinn nuair a chaidh am ball a thoirt bho Mharcus Friseal dìreach mus deach Tobar na Màthar 2-0 air thoiseach.

Dh'innis e gu bheil ceannardan rèitearan SFA, Iain Fleming, air aideachadh gun do rinn na h-oifigich mearachdan.

Taingeil

"Chan e breab-peanais a bh' ann is tha iad air sin aideachadh gu h-oifigeil, agus cuideachd gun robh còir aig Marcus Friseal a bhith air breab-saor fhaighinn", thuirt Coyle.

"Tha mi taingeil dha Iain Fleming gun do dh'aidich e gun deach mearachdan a dhèanamh. Feumaidh sinn a-nise an gnothach a chur air ar cùlaibh is adhartas a dhèanamh air a' phàirc", thuirt e.

Tha cothrom aca tòiseachadh air sin nuair a thig Rangers dhan Ghàidhealtachd Didòmhnaich.

Dh'aidich Coyle gur e dùbhlan a bhios ann is Rangers air sreap dhan darna àite san lìog an t-seachdain seo.

"Tha Rangers a' dèanamh fìor mhath an-dràsta is feumaidh na balaich againn a bhith cho math 's a ghabhas Didòmhnaich.

"Ma nì iad sin, 's urrainn dhuinn an geama seo a bhuannachadh.

"Mar a tha an lìog, ma bhuannaicheas sinn sreath de gheamaichean sreapaidh sinn an lìog is 's e sin an targaid a th' againn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo